Iain Ghlinn’ Cuaich

O Iain Ghlinn' Cuaich
Fear do choltais cha dual da fàs
Cùl bachlach nan dual
'S e gu camlubach suas gu bhàrr
'S i do phearsa dheas ghrinn
A dh'fhàg mi cho tinn le gràdh
'S nach 'eil cron ort ri inns'
O mhullach do chinn gu d'sàil

Ach an trian dhe do chliù
Cha chuir mise, a rùin an céill
'S caoimh' faiteal dhe d'ghnùis
Na ùr choille fo dhrùchd re gréin
Gum b' e miann mo dhà shùil
A bhith sealltainn gu dlúth ad dhéidh
'S math a b'airidh mo rùn-s'
Air ban-oighre a' chrùin fo sgéith

Iain, Iain, a ghaoil
Cuim' a leig thu mi faoin air chùl
Gun ghuth cuimhn' air a' ghaol
A bh'againn araon air tùs?
Cha tug mise mo spéis
Do dh'fear eile fo'n ghréin ach thu
Is cha toir as do dhéidh
Gus an càirear mo chré 'san ùir

Ged a chinn thu rium fuar
Bheil thu, Iain, gun truas 's mi 'm chàs
'S a liuthad là agus chuir
Thu 'n céill gum bu bhuan do ghràdh?
Ach ma chaochail mi bhuaidh
'S gun so choisinn mi t'fhuath na t-fhearg
Tha mo bheannachd ad dhéidh
'S feuch an tagh thu dhuit fhéin nas fhèarr

Curiosités sur la chanson Iain Ghlinn’ Cuaich de Capercaillie

Quand la chanson “Iain Ghlinn’ Cuaich” a-t-elle été lancée par Capercaillie?
La chanson Iain Ghlinn’ Cuaich a été lancée en 1989, sur l’album “Sidewaulk”.

Chansons les plus populaires [artist_preposition] Capercaillie

Autres artistes de New Age