Biodh An Deoch Seo 'n Làimh Mo Rùin
Jörgen Elofsson
Òladh neo na òladh càch i
Biodh i làn aig ceann a' bhùird
Sèist: (Chorus (after each verse):)
Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin
Deoch slàinte le fear an tùir
Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin
Chunnacas bàt' air an fhairge
'S an làimh dhearg air an stiùir
Chunnaic mi dol seach' an caol i
'S badan fraoich 's an t-slait shiùil
Fhir a chunnaic air an t-sàil i
Beannaich an long bhàn 's a criùdh'
Beannaich a cruinn àrd 's a h-acfhuinn
A cuid acraichean 's a siùil
Ged a tha mi 'n seo an Colla
B' e mo thoil a dhol a Rùm
Agus as a sin a dh' Uibhist
Nan d' fhuair mi mo ghuidhe leam