Air Fail A Lail O
Air fail a lail ó, horó, air fail a lail é

Fail i fail ó, horó, air fail a lail é
A bhuachaille bhàin
Mas aìll leat labhairt air thùs
Gura leat-sa gun dàil mo làmh
Ma thig thu le mùirn
Gur truagh mar a tà
Nach do thàrladh mis' agus thu
Ann an eilein gun tràigh
Gun ràmh gun choite gun stiùir
Air fail a lail ó, horó, air fail a lail é
Air fail a lail ó, horó, air fail a lail é
Air fail a lail ó, horó, air fail a lail é
Fail i fail ó, horó, air fail a lail é
Ma théid thu air sàil, a ghràidh
Biodh gini ad' phòc
Is òl mo dheach-slàint gach àit'
An suidh thu mun bhòrd
Le d' chridhe geal, eudrom
Éibhneach, aighearach, òg
Gur toil liom am beul
O'm binn a thigeadh an ceòl
Gur tiol liom an deud 's am beul
Nach labhradh le sgraing
Bhith sìnte ri m' thaobh
A ghaoil, nan digeadh tu ann
Mur bhiodh luchd nam breug
Bha m' eudail 's mise gun taing
Le òrdugh na cléir
Le chéile 'n ceangal gu teann
Air fail a lail ó, horó, air fail a lail é
Air fail a lail ó, horó, air fail a lail é
Air fail a lail ó, horó, air fail a lail é
Fail i fail ó, horó, air fail a lail é
Nan robh mis' is thu am beinn
No'm monadh no'n sliabh
No air an tràigh bhàin an àit'
Nach robh duine riamh
Seachd oidhche, seachd là
Gun tàmh gun chadal gun bhiadh
Ach thus' a bhith 'ghràidh
'S do làmh gheal tharam gu fial