Meadhan Oidhche Air an Acairseid
Gealach air an acairseid
Ceatharnach na fhèileadh
"Tè bhàn, tè bhuidhe bhàn"
Mu meadhan oidhche (x4)
Clann-nighean òg 's balaich a' bhaile
A' cruinneachadh mu bhùth Dhoilidhe
'S mu bhùth Chroinns
A' coiseachd, 's a' suirghe
'S a' caithris na h-oidhche
Gealach air an acairseid
Ceatharnach na fhèileadh
"Tè bhàn, tè bhuidhe bhàn"
Mu meadhan oidhche (x2)
Tionndadh a' chlàir air ais
Na bliadhnaichean abachaidh a' ghràidh.
Am Bàgh Cuilce, Àird an Aiseig
Lag an Domhain,
Ceann a' Bhàigh.
Tionndadh a' chlàir air ais,
Meadhan oidhche,
Gealach ‘s gealladh.
Sheas an cruthachadh
Stòlda air rathad a' stèisean.
Sheas na eathraichean aig tàmh
Gealach air an acairseid
Ceatharnach na fhèileadh
"Tè bhàn, tè bhuidhe bhàn"
Mu meadhan oidhche (x2)
"Bhidh sinne 's crathadh làmh againn
Is bilean blàth toirt phòg"
Cridhe bàidheil caoimhneil
Cho tairis ris an òr
An guth ‘s an t-sèist a' glaodhaich
"Far an robh mi 'n-raoir"
Na bliadhnaichean a' tionndadh
Briathran mòr MhicLeòid
Gealach air an acairseid
Ceatharnach na fhèileadh
"Tè bhàn, tè bhuidhe bhàn"
Mu meadhan oidhche (x10)