Sràidean na Roinn-Eòrpa

Calum MacDonald, Rory MacDonald

Chuir mi mo chùl ri Lunnainn
An samhradh air m'aodann
'S mi air sràidean mòr na Roinn-Eòrpa
'S mi le mo rùn, le m'anam, mo bhratach
Mo ghrian, mo ghealach ùr
'S sheas mi 's na àiteachan a sheas m'athair
'S iomadh cogadh a tha ann airson saorsa
Dà fhichead bliadhna 's an dìleab air fhàgail
Briathran do linn 's do sheorsa

Baile beag anns a' Ghearmailt
Gruagach cho bòidheach
Le sùilean làn sonas is bròn
Thuirt i "a bheil fhios agaibh fhèin,
an t-sochair 'tha agaibh?
Tha eallach eachraidh air
mo ghuaillean cho trom"
Chrath sinn làmhan, 's dh'fhalbh i a' seinn
An dàn tha domhainn, 's gach anam de dhaoine
Dh'fhàg mi i le blas beag de mo dhùthaich
Dh'fhàg i mi leis a' chompanas ùr

Tha na brataich a' snàmh
An cuan de dhathan
Do chànan binn an cluas na Roinn-Eòrpa
Tha na sràidean beò le cainnt 's togair
Sràidean am Babel ùr
'S thusa mo rùn, tha cothrom mad choinneamh
Tha do chliù air 'dhol tarsainn an cuan
Thusa tha meanbh, bi làidir, bi àlainn
Taisbean do chànan, bi buan

Curiosités sur la chanson Sràidean na Roinn-Eòrpa de Runrig

Quand la chanson “Sràidean na Roinn-Eòrpa” a-t-elle été lancée par Runrig?
La chanson Sràidean na Roinn-Eòrpa a été lancée en 1993, sur l’album “Amazing Things”.
Qui a composé la chanson “Sràidean na Roinn-Eòrpa” de Runrig?
La chanson “Sràidean na Roinn-Eòrpa” de Runrig a été composée par Calum MacDonald, Rory MacDonald.

Chansons les plus populaires [artist_preposition] Runrig

Autres artistes de Pop rock