Chì mi na mòrbheanna (Mist Covered Mountains)

[Sèist]
O, chì, chì mi na mòrbheanna;
O, chì, chì mi na còrrbheanna;
O, chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgorran fo cheò

[Rann]
Chì mi gun dàil an t-àite 'san d' rugadh mi;
Cuirear orm fàilte 'sa chànan a thuigeas mi;
Gheibh mi ann aoidh agus gràdh nuair ruigeam
Nach reicinn air thunnachan òir

[Sèist]
O, chì, chì mi na mòrbheanna;
O, chì, chì mi na còrrbheanna;
O, chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgorran fo cheò

[Rann]
Chì mi ann coilltean; chì mi ann doireachan;
Chì mi ann maghan bàna is torraiche;
Chì mi na fèidh air làr nan coireachan
Falaicht' an trusgan de cheò

[Sèist]
O, chì, chì mi na mòrbheanna;
O, chì, chì mi na còrrbheanna;
O, chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgorran fo cheò

[Rann]
Beanntaichean àrda is àillidh leacainnean;
Sluagh ann an còmhnaidh is còire chleachdainnean;
'S aotrom mo cheum a' leum 'gam faicinn;
Is fanaidh mi tacan le deòin

[Sèist]
O, chì, chì mi na mòrbheanna;
O, chì, chì mi na còrrbheanna;
O, chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgorran fo cheò
O, chì, chì mi na mòrbheanna;
O, chì, chì mi na còrrbheanna;
O, chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgorran fo cheò
O, chì, chì mi na mòrbheanna;
O, chì, chì mi na còrrbheanna;
O, chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgorran fo cheò
Chì mi na sgorran fo cheò
Chì mi na sgorran fo cheò

Curiosités sur la chanson Chì mi na mòrbheanna (Mist Covered Mountains) de The Rankin Family

Quand la chanson “Chì mi na mòrbheanna (Mist Covered Mountains)” a-t-elle été lancée par The Rankin Family?
La chanson Chì mi na mòrbheanna (Mist Covered Mountains) a été lancée en 1989, sur l’album “The Rankin Family”.

Chansons les plus populaires [artist_preposition] The Rankin Family

Autres artistes de